Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;
Agus cha tèid sibh a‑mach air doras pàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: oir tha ola-ungaidh an Tighearna oirbh. Agus rinn iad a rèir facal Mhaois.
Agus esan a tha na àrd-shagart o mheasg a bhràithrean, neach a dhòirteadh an ola naomh air a cheann, agus a choisrigeadh a chur an èididh uime, cha rùisg e a cheann, cha mhò a reubas e a aodach,
Is e seo cuibhreann ungadh Aaroin, agus ungadh a chuid mac, de thabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, anns an là anns an tug e an làthair iad a fhrithealadh don Tighearna ann an dreuchd an t‑sagairt;
Agus saoraidh an co‑chruinneachadh am marbhaiche à làimh dìoghaltair na fala, agus cuiridh an co‑chruinneachadh air ais e do bhaile a dhìdein, gus an do theich e: agus fanaidh e ann gu bàs an àrd-shagairt, a dh’ungadh leis an ola naoimh.
Ach tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a’ fantainn annaibh: agus chan eil feum agaibh gun teagaisgeadh aon neach air bith sibh: ach, mar a tha an t‑ungadh seo fhèin gur teagasg mu thimcheall nan uile nithean, agus a tha e fìor, agus nach breug e, eadhon mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann.