Agus seo an t‑èideadh a nì iad; uchd-èideadh, agus èphod, agus fallaing, agus còta iomadh-dathach, crùn-sagairt, agus crios; agus nì iad èideadh naomh airson Aaroin do bhràthair, agus airson a mhac, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
Agus chuir e an crùn-sagairt air a cheann; mar an ceudna air a’ chrùn-shagairt, eadhon air a’ chuid-bheòil dheth, chuir e an leac òir, an crùn naomh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Agus thubhairt e, Cuireadh iad ceann-aodach maiseach air a cheann: agus chuir iad ceann-aodach maiseach air a cheann, agus dh’èid iad e le fallaingean; agus sheas aingeal an Tighearna leo.