Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus naomhaichidh mi pàillean a’ choitheanail, agus an altair: naomhaichidh mi, mar an ceudna, Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ris, Chuala mi d’ùrnaigh agus d’athchuinge a chuir thu suas am fhianais: naomhaich mi an taigh seo a thog thu, a chur m’ainme an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

Agus an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàillean lem ghlòir.

Agus gabhaidh mi còmhnaidh am measg chloinn Israeil, agus bidh mi am Dhia aca.

Agus cha truaill e a shliochd am measg a shluaigh: oir tha mise an Tighearna ga naomhachadh.

Cha mhò a leigeas iad leo cionta an easaontais a ghiùlan nuair a dh’itheas iad an nithean naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh.

Gleidhidh iad uime sin m’òrdagh, air eagal gun giùlain iad peacadh air a shon, agus uime sin gum faigh iad bàs, ma thruailleas iad e: tha mise an Tighearna gan naomhachadh.

An abair sibh ris-san, a naomhaich an t‑Athair, agus a chuir e a‑chum an t‑saoghail, Tha thu a’ labhairt toibheim; airson gun dubhairt mi, Is mi Mac Dhè?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan