Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:43

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an sin coinnichidh mise clann Israeil, agus naomhaichear am pàillean lem ghlòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Air chor is nach b’urrainn na sagartan seasamh a fhrithealadh leis an neul: oir lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna.

Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.

Agus cha b’urrainn na sagartan seasamh a fhrithealadh air sgàth an neòil: oir lìon glòir an Tighearna taigh Dhè.

Agus coinnichidh mise thu an sin, agus labhraidh mi riut o uachdar na cathair-thròcair, o eadar an dà cherub a tha air àirc na Fianais, a‑thaobh gach nì a dh’àithneas mi dhut do chloinn Israeil.

Bidh seo na thabhartas-loisgte bithbhuan air feadh ur ginealaichean, aig doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a labhairt riutsa an sin.

Agus naomhaichidh mi pàillean a’ choitheanail, agus an altair: naomhaichidh mi, mar an ceudna, Aaron agus a mhic, gu frithealadh dhomh ann an dreuchd an t‑sagairt.

An sin chòmhdaich neul bùth a’ choitheanail, agus lìon glòir an Tighearna am pàillean.

Agus cha b’urrainn Maois dol a‑steach do bhùth a’ choitheanail, a chionn gun do ghabh an neul còmhnaidh air, agus gun do lìon glòir an Tighearna am pàillean.

Eirich, dealraich; oir thàinig do sholas; agus tha glòir an Tighearna air èirigh ort.

An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e mi gus a’ chùirt a‑staigh, agus feuch, lìon glòir an Tighearna an teampall.

Mar an ceudna tarbh agus reithe, mar thabhartasan-sìthe, a‑chum an ìobradh an làthair an Tighearna; agus tabhartas-bìdh measgte le ola: oir an‑diugh foillsichidh an Tighearna e fhèin dhuibh.

Agus thubhairt Maois, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh; agus foillsichear glòir an Tighearna dhuibh.

Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.

Ach air bhith dhuinne uile, le aghaidh gun chòmhdach, ag amharc mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna, tha sinn air ar n‑atharrachadh a‑chum na h‑ìomhaigh cheudna, o ghlòir gu glòir, mar le Spiorad an Tighearna.

Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.

A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan