Bidh seo na thabhartas-loisgte bithbhuan air feadh ur ginealaichean, aig doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a labhairt riutsa an sin.
Agus coinnichidh mise thu an sin, agus labhraidh mi riut o uachdar na cathair-thròcair, o eadar an dà cherub a tha air àirc na Fianais, a‑thaobh gach nì a dh’àithneas mi dhut do chloinn Israeil.
Ann am bùth a’ choitheanail an taobh a‑muigh den bhrat, a tha fa chomhair na Fianais, òrdaichidh Aaron e, agus a mhic, o fheasgar gu madainn an làthair an Tighearna: bidh e na reachd sìorraidh dan ginealaichean, as leth chloinn Israeil.
Agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar, agus nì thu ris a rèir tabhartas-bìdh na maidne, agus a rèir a tabhartais-dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.
Agus bruthaidh tu cuid dheth ro‑mhìn, agus cuiridh tu cuid dheth fa chomhair na Fianais ann am pàillean a’ choitheanail, far an coinnich mise thu: ro‑naomh bidh e dhuibh.
Agus ghabh Maois am pàillean, agus shuidhich e an taobh a‑muigh den champ e, fada on champ, agus thug e pàillean a’ choitheanail mar ainm air. Agus na lorg sin, chaidh gach neach a bha ag iarraidh an Tighearna a‑mach do phàillean a’ choitheanail, a bha an taobh a‑muigh den champ.
Agus is i a tabhartas-dibhe an ceathramh earrann de hin airson aon uain: anns an ionad naomh bheir thu fa‑near fìon làidir a dhòrtadh don Tighearna mar thabhartas-dibhe.