Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar, agus nì thu ris a rèir tabhartas-bìdh na maidne, agus a rèir a tabhartais-dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chaidh meadhon-là thairis, agus a rinn iad fàidheadaireachd gu àm toirt suas na h‑ìobairt fheasgair, cha robh guth ann, no aon air bith a fhreagradh, no a bheireadh fa‑near iad.

Agus ann an àm toirt suas na h‑ìobairt-fheasgair, thàinig Eliah am fàidh am fagas, agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, biodh fios an‑diugh gur tusa as Dia ann an Israel, agus gur mise d’òglach, agus gur ann air d’fhacal-sa a rinn mi na nithean seo uile.

Agus dh’àithn rìgh Ahas do Uriah an sagart, ag ràdh, Air an altair mhòir loisg tabhartas-loisgte na maidne, agus tabhartas-bìdh an fheasgair, agus tabhartas-loisgte an rìgh, agus a thabhartas-bìdh, agus tabhartas-loisgte uile shluagh na tìre, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-dibhe; agus crath oirre uile fhuil na h‑ìobairte: agus bidh an altair umha agamsa gu fiosrachadh leatha.

Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa:

Cuirear m’ùrnaigh ad làthair, mar thùis; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair.

Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh-là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar.

Agus maille ris an aon uan, an deicheamh cuid de fhlùr mìn measgte leis a’ cheathramh cuid de hin de ola bhrùite; agus an ceathramh cuid de hin de fhìon, mar thabhartas-dibhe.

Bidh seo na thabhartas-loisgte bithbhuan air feadh ur ginealaichean, aig doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna, far an coinnich mise sibh, a labhairt riutsa an sin.

Seadh, am feadh a bha mi a’ labhairt ann an ùrnaigh, an neach ceudna a chunnaic mi anns an aisling air tùs, Gabriel air an tugadh itealaich gu luath, bhean e rium, mu àm na h‑ìobairt-fheasgair:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan