Ecsodus 29:40Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus maille ris an aon uan, an deicheamh cuid de fhlùr mìn measgte leis a’ cheathramh cuid de hin de ola bhrùite; agus an ceathramh cuid de hin de fhìon, mar thabhartas-dibhe. Faic an caibideil |
Nuair a thug mi iad don fhearann, mun do thog mi suas mo làmh gun tugainn dhaibh e, an sin chunnaic iad gach cnoc àrd, agus na h‑uile chruinn thiugha, agus dh’ìobair iad an sin an ìobairtean, agus an sin thug iad seachad an tabhartasan fuathach: an sin fòs rinn iad am fàile cùbhraidh, agus dhòirt iad a‑mach an ìobairtean dibhe.
Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan-loisgte, agus tabhartasan-bìdh, agus tabhartasan-dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd-fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-loisgte, agus na tabhartasan-sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.
An sin tàrlaidh, ma rinneadh nì sam bith ann an aineolas, gun fhios don cho-chruinneachadh, gun toir an co‑chruinneachadh uile seachad aon tarbh òg a‑chum ìobairt-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna, maille ra thabhartas-bìdh, agus a thabhartas-dibhe, a rèir a ghnàtha, agus aon mheann de na gobhair a‑chum ìobairt-pheacaidh.