Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus uan bheir thu seachad anns a’ mhadainn, agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chaidh meadhon-là thairis, agus a rinn iad fàidheadaireachd gu àm toirt suas na h‑ìobairt fheasgair, cha robh guth ann, no aon air bith a fhreagradh, no a bheireadh fa‑near iad.

Agus dh’àithn rìgh Ahas do Uriah an sagart, ag ràdh, Air an altair mhòir loisg tabhartas-loisgte na maidne, agus tabhartas-bìdh an fheasgair, agus tabhartas-loisgte an rìgh, agus a thabhartas-bìdh, agus tabhartas-loisgte uile shluagh na tìre, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-dibhe; agus crath oirre uile fhuil na h‑ìobairte: agus bidh an altair umha agamsa gu fiosrachadh leatha.

Agus anns a’ mhadainn, mu àm toirt suas an tabhartas-bhìdh, feuch, thàinig uisge rathad Edoim, agus lìonadh an tìr le uisge.

Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e.

Agus chuir Solamh teachdaire gu Huram rìgh Thìruis, ag ràdh, Mar a rinn thu ri Daibhidh m’athair, agus a chuir thu da ionnsaigh craobhan seudair a thogail taighe dha gu còmhnaidh a ghabhail ann, dèan riumsa:

An sin chruinnicheadh am ionnsaigh iadsan uile a chriothnaich ro bhriathran Dia Israeil, airson euceart na muinntir a thugadh air falbh; agus shuidh mi fo uamhann gu ruig an ìobairt-fheasgair.

Cuirear m’ùrnaigh ad làthair, mar thùis; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair.

A Thighearna, air madainn cluinnidh tu mo ghuth; air madainn deasaichidh mi mi fhèin ad làthair, agus amhaircidh mi suas.

Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh-là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar.

Agus maille ris an aon uan, an deicheamh cuid de fhlùr mìn measgte leis a’ cheathramh cuid de hin de ola bhrùite; agus an ceathramh cuid de hin de fhìon, mar thabhartas-dibhe.

Seadh, am feadh a bha mi a’ labhairt ann an ùrnaigh, an neach ceudna a chunnaic mi anns an aisling air tùs, Gabriel air an tugadh itealaich gu luath, bhean e rium, mu àm na h‑ìobairt-fheasgair:

Agus bha coitheanal an t‑sluaigh uile a’ dèanamh ùrnaigh a‑muigh ri àm na tùise.

A‑chum a bheil dùil aig ar dà‑threubh-dheug-ne teachd, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche a‑ghnàth; agus airson an dòchais seo tha mise, a rìgh Agripa, air m’agairt leis na h‑Iùdhaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan