Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheir thu seachad gach là tarbh òg mar thabhartas-peacaidh, a‑chum rèite: agus glanaidh tu an altair, nuair a nì thu rèite air a son, agus ungaidh tu i a‑chum a naomhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus ungaidh tu pàillean a’ choitheanail leatha, agus àirc na Fianais,

Agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air a ceithir adhaircean, agus air ceithir ceàrnan a buinn, agus air an oir mun cuairt: mar seo glanaidh agus nighidh tu i.

Seachd làithean deasaichidh tu, gach aon là, gobhar airson ìobairt-pheacaidh: deasaichidh iad fòs tarbh òg agus reithe as an treud gun ghaoid.

Agus nuair a bhios na làithean seo air an crìochnachadh, tàrlaidh air an ochdamh là, agus mar sin sìos, gun ìobair na sagartan ur n‑ìobairtean-loisgte air an altair, agus ur n‑ìobairtean-sìth, agus gabhaidh mise ribh, deir an Tighearna Iehòbhah.

Agus an tarbh airson na h‑ìobairt-pheacaidh, agus am boc-goibhre airson na h‑ìobairt-pheacaidh, den tugadh am fuil a‑steach a-chum rèite a dhèanamh anns an ionad naomh, bheirear a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ; agus loisgidh iad anns an teine an craiceann, agus am feòil, agus an aolach.

Agus thàrladh air an là anns an do chuir Maois suas am pàillean gu h‑iomlan, agus anns an d’ung e e, agus anns an do naomhaich e e, agus a uidheam uile, araon an altair agus a soithichean uile, agus anns an d’ung e iad, agus anns an do naomhaich e iad;

Agus tha gach uile shagart a’ seasamh gach là, a’ frithealadh agus a’ toirt suas nan ìobairt ceudna gu minig, nithean do nach eil e an comas a‑chaoidh peacaidhean a thoirt air falbh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan