Agus ma dh’fhàgar a’ bheag de fheòil a’ choisrigidh, no a’ bheag den aran, gus a’ mhadainn, an sin loisgidh tu am fuidheall le teine: chan ithear e, do bhrìgh gu bheil e naomh.
Mar an ceudna, gabhaidh tu den reithe an t‑saill, agus bun an earbaill, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus sgairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e.
Agus gabhaidh tu an t‑uchd o reithe coisrigeadh Aaroin, agus luaisgidh tu e mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna: agus bidh sin agadsa mar chuibhreann.
Agus bidh e le Aaron agus le a mhic le reachd bithbhuan o chloinn Israeil; oir is tabhartas-togte e: agus bidh e na thabhartas-togte o chloinn Israeil de ìobairtean an tabhartasan-sìthe, eadhon an tabhartas-togte don Tighearna.
Agus dh’iarr Maois gu dìcheallach meann na h‑ìobairt-pheacaidh, agus, feuch, loisgeadh e: agus bha fearg aige ri Eleàsar agus ri Itamar, mic Aaroin, a dh’fhàgadh beò, ag ràdh,