Agus ithidh iad na nithean sin leis an do rinneadh an rèite, a‑chum an coisrigeadh agus an naomhachadh: ach chan ith coigreach dhiubh, do bhrìgh gu bheil iad naomh.
Agus thubhairt Maois ri Aaron agus ra mhic, Bruithibh an fheòil aig doras pàillean a’ choitheanail, agus ann an sin ithibh i leis an aran a tha ann am basgaid a’ choisrigidh, mar a dh’àithn mise, ag ràdh, Ithidh Aaron agus a mhic i.
Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè, agus a dh’ith e aran na fianais, nach robh ceadaichte dha fhèin ithe, no dhaibhsan a bha maille ris, ach do na sagartan a‑mhàin?