Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gabhaidh tu reithe a’ choisrigidh, agus bruithidh tu a fheòil anns an ionad naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Seachd làithean cuiridh esan de a mhic air e, a bhios na shagart na àite, a thèid a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a fhrithealadh anns an ionad naomh.

Agus ithidh Aaron agus a mhic feòil an reithe, agus an t‑aran a tha anns a’ bhasgaid, aig doras pàillean a’ choitheanail.

An sin thubhairt e rium, Na seòmraichean mu thuath, agus na seòmraichean mu dheas, a tha fa chomhair an ionaid air leth, is seòmraichean naomh iad, far an ith na sagartan a thig dlùth don Tighearna an nithean as ro‑naoimhe: an sin cuiridh iad na nithean as ro‑naoimhe, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartas-peacaidh, agus an tabhartas-easaontais; oir tha an t‑ionad naomh.

Agus thug e leis an reithe eile, reithe a’ choisrigidh: agus chuir Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.

Agus thubhairt Maois ri Aaron agus ra mhic, Bruithibh an fheòil aig doras pàillean a’ choitheanail, agus ann an sin ithibh i leis an aran a tha ann am basgaid a’ choisrigidh, mar a dh’àithn mise, ag ràdh, Ithidh Aaron agus a mhic i.

Agus b’e gnàth nan sagart leis an t‑sluagh, nuair a dh’ìobradh duine sam bith ìobairt, gun tigeadh òglach an t‑sagairt, nuair a bha an fheòil ga bruith, agus greimiche-feòla thrì meur na làimh;

Mar an ceudna mun loisgeadh iad an t‑saill, thigeadh òglach an t‑sagairt, agus theireadh e ris an duine a dh’ìobair, Thoir feòil ga ròstadh don t‑sagart: oir cha ghabh e uat feòil bhruith, ach amh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan