Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Seachd làithean cuiridh esan de a mhic air e, a bhios na shagart na àite, a thèid a‑steach do phàillean a’ choitheanail, a fhrithealadh anns an ionad naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus a‑rìs chuir e a‑mach an calaman on àirc;

Agus dh’fhan e fhathast seachd làithean eile; agus chuir e a‑mach an calaman; agus cha do thill e a‑rìs da ionnsaigh nas mò.

Seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel.

Agus is le mic Aaroin a èideadh naomh-san na dhèidh gu bhith air an ungadh ann, agus gu bhith air an coisrigeadh ann.

Agus gabhaidh tu reithe a’ choisrigidh, agus bruithidh tu a fheòil anns an ionad naomh.

Agus nì thu mar seo ri Aaron, agus ra mhic, a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhut: seachd làithean coisrigidh tu iad.

Seachd làithean glanaidh iad an altair, agus nighidh iad i, agus naomhaichidh iad iad fhèin.

Agus amhaircidh an sagart air, air an t‑seachdamh là; agus, feuch, ma tha a’ phlàigh na shealladh air stad, agus gun a’ phlàigh a bhith a’ sgaoileadh anns a’ chraiceann; an sin druididh an sagart a‑staigh e seachd làithean eile.

Agus nì an sagart a dh’ungas e, agus a choisrigeas e gu frithealadh ann an àit a athar, an rèite: agus cuiridh e air an t‑èideadh anairt, eadhon an trusgan naomh.

Agus air an ochdamh là ghairm Maois air Aaron agus air a mhic, agus air seanairean Israeil;

Chaidh Aaron uime sin a dh’ionnsaigh na h‑altarach, agus mharbh e laogh na h‑ìobairt-pheacaidh a bha air a shon fhèin.

Agus bhuin Maois a aodach de Aaron, agus chuir e air Eleàsar a mhac e; agus fhuair Aaron bàs an sin air mullach an t‑slèibh: agus thàinig Maois agus Eleàsar a‑nuas on t‑sliabh.

Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan