Agus aran neo-ghortaichte, agus breacagan neo-ghortaichte, coimeasgte le ola, agus gearragan neo-ghortaichte, ungte le ola; de fhlùr a’ chruithneachd nì thu iad.
Thoir leat Aaron agus a mhic maille ris, agus an trusgan naomh, agus an ola-ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt-pheacaidh, agus dà reithe, agus basgaid de aran neo-ghortaichte.
Agus à basgaid an arain neo-ghortaichte, a bha an làthair an Tighearna, ghabh e aon bhreacag neo-ghortaichte, agus aon bhreacag de aran le ola, agus aon deàrnagan, agus chuir e iad air an t‑saill, agus air an t‑slinnean dheas:
Agus thubhairt Maois ri Aaron agus ra mhic, Bruithibh an fheòil aig doras pàillean a’ choitheanail, agus ann an sin ithibh i leis an aran a tha ann am basgaid a’ choisrigidh, mar a dh’àithn mise, ag ràdh, Ithidh Aaron agus a mhic i.
Agus ìobraidh e an reithe mar ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, maille ris a’ bhasgaid de aran neo-ghortaichte: bheir an sagart seachad mar an ceudna a thabhartas-bìdh, agus a thabhartas-dibhe.