Agus gabhaidh tu an t‑uchd o reithe coisrigeadh Aaroin, agus luaisgidh tu e mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna: agus bidh sin agadsa mar chuibhreann.
Agus naomhaichidh tu uchd an tabhartais-luaisgte agus slinnean an tabhartais-thogte, a chaidh a luasgadh, agus a thogail suas de reithe a’ choisrigidh, eadhon den nì sin as le Aaron, agus den nì sin a bhuineas da mhic.
Agus gabhaidh an sagart aon uan fireann, agus bheir e seachad e mar ìobairt-easaontais, agus an log ola, agus luaisgidh e iad mar thabhartas-luaisgte am fianais an Tighearna.
Bheir a làmhan fhèin leo tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine; an t‑saill maille ris an uchd, seo bheir e leis, a‑chum gun luaisgear an t‑uchd mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.
Oir ghabh mi an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte o chloinn Israeil, de ìobairtean an tabhartasan-sìthe, agus thug mi iad do Aaron an sagart, agus da mhic, le reachd sìorraidh o mheasg chloinn Israeil.
Agus ghabh Maois an t‑uchd, agus luaisg e e mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna: b’e cuibhreann Mhaois e de reithe a’ choisrigidh; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.