Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair.

Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.

Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad.

Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Agus cuiridh tu iad uile ann an làmhan Aaroin, agus ann an làmhan a mhac; agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.

Agus an t‑uan eile bheir thu seachad mu fheasgar, agus nì thu ris a rèir tabhartas-bìdh na maidne, agus a rèir a tabhartais-dibhe, mar fhàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Agus ithidh sibh e anns an ionad naomh, a chionn gur e do dhlighe e, agus dlighe do mhac, de thabhartasan an Tighearna air an toirt suas le teine: oir is ann mar sin a dh’àithneadh dhòmhsa.

Cha dèanar tabhartas-bìdh sam bith, a bheir sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, le taois ghoirt; oir cha loisg sibh a’ bheag de thaois ghoirt, no de mhil, ann an tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine.

Agus loisgidh an sagart a chuimhneachan, cuid de a arbhar buailte, agus cuid de a ola, maille ra thùis uile: is tabhartas e a bheirear suas le teine don Tighearna.

Agus bheir e e gu mic Aaroin, na sagartan, agus gabhaidh e as làn a dhùirn de a fhlùr, agus de a ola, maille ra thùis uile; agus loisgidh an sagart a chuimhneachan air an altair, gu bhith na thabhartas air a thoirt suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Agus gabhaidh an sagart as an tabhartas-bhìdh cuimhneachan dheth, agus loisgidh e e air an altair: is tabhartas a tha ann air a thoirt suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Agus loisgidh an sagart e air an altair; is e biadh an tabhartais a bheirear suas le teine don Tighearna.

Agus bheir e seachad dhith a thabhartas, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach,

Agus loisgidh an sagart iad air an altair: is iad biadh an tabhartais a bheirear suas le teine, a-chum fàile chùbhraidh. An t‑saill uile is leis an Tighearna.

Agus bheir e seachad de ìobairt nan tabhartas-sìthe, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach,

Agus loisgidh mic Aaroin e air an altair, air an ìobairt-loisgte, a tha air an fhiodh a tha air an teine: is tabhartas e a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Agus bheir e seachad cuid de ìobairt nan tabhartas-sìthe, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; a shaill agus an t‑earball uile, teann air a’ chnàimh-dhroma bheir e air falbh e; agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach,

Oir ge bè a dh’itheas saill on ainmhidh sin den toir daoine seachad ìobairt a loisgear le teine don Tighearna, gearrar eadhon an t‑anam sin a dh’itheas dhith as o a shluagh.

Agus loisgidh an sagart iad air an altair, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: is ìobairt-easaontais i.

Agus ghabh Maois iad bhàrr an làmh, agus loisg e iad air an altair os cionn na h‑ìobairt-loisgte; bu tabhartas-coisrigidh iad a‑chum fàile chùbhraidh; tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

Agus an do thagh mi e à treubhan Israeil uile gu bhith na shagart agam, a dh’ìobradh air m’altair, a losgadh tùis, a dh’iomchar èphoid am fhianais? Agus an tug mi do thaigh d’athar na tabhartasan uile a bheirear suas le teine le cloinn Israeil?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan