Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu iad uile ann an làmhan Aaroin, agus ann an làmhan a mhac; agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus aon bhuileann arain, agus aon bhreacag arain le ola, agus aon ghearrag à basgaid an arain neo-ghortaichte a tha an làthair an Tighearna.

Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Agus an t‑uchd luaisgte agus an slinnean togte ithidh sibh ann an ionad glan; thu fhèin, agus do mhic, agus do nigheanan maille riut: oir is iad do dhlighe iad, agus dlighe do mhac a thugadh dhaibh à ìobairtean tabhartasan-sìthe chloinn Israeil.

Agus luaisgidh e an sguab an làthair an Tighearna, a‑chum gun gabhar rithe air ur son: air an là màireach an dèidh na sàbaid luaisgidh an sagart i.

Bheir a làmhan fhèin leo tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine; an t‑saill maille ris an uchd, seo bheir e leis, a‑chum gun luaisgear an t‑uchd mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.

Agus chuir e an t‑iomlan air làmhan Aaroin, agus air làmhan a chuid mhac; agus luaisg e iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.

Agus na h‑uchdan agus an slinnean deas luaisg Aaron mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna, mar a dh’àithn Maois.

Agus na dhèidh sin thèid na Lèbhitich a‑steach a dhèanamh seirbhis pàillean a’ choitheanail; agus glanaidh tu iad, agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan