Ecsodus 29:22Am Bìoball Gàidhlig 1992Mar an ceudna, gabhaidh tu den reithe an t‑saill, agus bun an earbaill, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus sgairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e. Faic an caibideil |
Agus thog an còcaire an slinnean, agus an nì a bha air, agus chuir e fa chomhair Shauil e, agus thubhairt Samuel, Feuch, cuir an nì sin a dh’fhàgadh air do bheulaibh, agus ith: oir a dh’ionnsaigh an àma seo ghleidheadh dhut e, o thubhairt mi, Thug mi cuireadh don t‑sluagh. Agus dh’ith Saul maille ri Samuel air an là sin.