Agus aran neo-ghortaichte, agus breacagan neo-ghortaichte, coimeasgte le ola, agus gearragan neo-ghortaichte, ungte le ola; de fhlùr a’ chruithneachd nì thu iad.
Mas ann mar bhreith-buidheachais a bheir e seachad i, an sin bheir e seachad, maille ris an ìobairt-bhuidheachais, breacagan neo-ghortaichte, measgte le ola, agus deàrnagan neo-ghortaichte, ungte le ola, agus breacagan measgte le ola, de fhlùr mìn, air a ròstadh.
Thoir leat Aaron agus a mhic maille ris, agus an trusgan naomh, agus an ola-ungaidh, agus tarbh mar an ìobairt-pheacaidh, agus dà reithe, agus basgaid de aran neo-ghortaichte.
Agus à basgaid an arain neo-ghortaichte, a bha an làthair an Tighearna, ghabh e aon bhreacag neo-ghortaichte, agus aon bhreacag de aran le ola, agus aon deàrnagan, agus chuir e iad air an t‑saill, agus air an t‑slinnean dheas:
Agus basgaid de aran neo-ghortaichte, breacagan de fhlùr mìn measgte le ola, agus deàrnagan de aran neo-ghortaichte ungte le ola, agus an tabhartas-bìdh, agus an tabhartasan-dibhe.
Agus gabhaidh an sagart slinnean bruith an reithe, agus aon bhreacag neo-ghortaichte as a’ bhasgaid, agus aon deàrnag neo-ghortaichte: agus cuiridh e iad air làmhan an Nàsaraich, an dèidh do ghruaig a dhealachaidh a bhith air a bearradh.
Glanaibh a‑mach uime sin an t‑seann taois ghoirt, a‑chum gum bi sibh nur meall nuadh, mar a tha sibh neo-ghortaichte. Oir tha eadhon Crìosd ar n‑uan-càisge air ìobradh air ar son.