Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus thog Abrahàm suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, reithe air a chùlaibh an sàs ann am preas air a adhaircean: agus chaidh Abrahàm, agus ghabh e an reithe, agus thug e suas e mar thabhartas-loisgte an àit a mhic.

Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.

Agus labhair Isaac ra athair Abrahàm, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo, a mhic. Agus thubhairt e, Feuch an teine agus am fiodh: ach càit a bheil an t‑uan airson tabhartais-loisgte?

Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair.

Agus dh’fhairich an Tighearna fàile cùbhraidh, agus thubhairt an Tighearna na chridhe, Cha mhallaich mi a‑rìs an talamh nas mò airson an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o a òige; cha mhò a sgriosas mi tuilleadh gach nì beò, mar a rinn mi.

An sin thuit teine an Tighearna, agus chaith e an ìobairt-loisgte, agus an connadh, agus na clachan, agus an luaithre; agus an t‑uisge a bha anns a’ chlais dh’imlich e suas.

Agus chaidh an rìgh do Ghibeon a dh’ìobradh an sin, oir b’e sin am mòr-àit àrd: mìle ìobairt-loisgte thug Solamh suas air an altair sin.

Airson d’ìobairtean chan agair mi thu, oir tha d’ìobairtean-loisgte a‑ghnàth am fhianais.

Agus gearraidh tu an reithe na mhìrean, agus nighidh tu a mhionach, agus a chasan, agus cuiridh tu iad air a mhìrean, agus air a cheann.

Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan-loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd.

Cuime an tig thugamsa tùis o Shèba, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad as? Chan eil ur tabhartasan-loisgte taitneach, cha mhò a tha tlachd agamsa nur n‑ìobairtean.

Agus sgoiltidh e maille ra sgiathan e, ach cha roinn e o chèile e; agus loisgidh an sagart e air an altair, air an fhiodh a tha air an teine, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear an t‑saill a ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart i air an altair, a-chum fàile chùbhraidh don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bheirear maitheanas dha.

Agus nigh e am mionach agus na casan ann an uisge; agus loisg Maois an reithe uile air an altair: b’ìobairt-loisgte e, a‑chum fàile chùbhraidh: tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus thàinig teine a‑mach o làthair an Tighearna, agus loisg e air an altair an ìobairt-loisgte, agus an t‑saill: agus chunnaic an sluagh uile e, agus rinn iad iolach, agus thuit iad air an aghaidh.

Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean-loisgte agus thabhartas.

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.

Agus ghabh Samuel uan deoghail, agus thug e suas e uile mar ìobairt-loisgte don Tighearna; agus ghlaodh Samuel ris an Tighearna airson Israeil, agus chuala an Tighearna e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan