Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 29:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gearraidh tu an reithe na mhìrean, agus nighidh tu a mhionach, agus a chasan, agus cuiridh tu iad air a mhìrean, agus air a cheann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Na ithibh a’ bheag dheth amh, no idir air a bhruitheadh ann an uisge, ach ròiste le teine: a cheann maille ra chasan, agus maille ra ghrealaich.

Agus marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu a fhuil, agus crathaidh tu i mun cuairt air an altair.

Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.

Glan do chridhe o aingidheachd, O Ierusaleim, a‑chum gun tèarnar thu. Cia fhad a ghabhas do smuaintean aingidh còmhnaidh an taobh a‑staigh dhìot?

Ach nighidh e am mionach agus na casan le uisge; agus bheir an sagart leis an t‑iomlan, agus loisgidh e air an altair e, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.

Agus nigh e am mionach agus na casan ann an uisge; agus loisg Maois an reithe uile air an altair: b’ìobairt-loisgte e, a‑chum fàile chùbhraidh: tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus nigh e am mionach agus na casan, agus loisg e iad air an ìobairt-loisgte air an altair.

Pharasaich dhoill, glan air tùs an taobh a‑staigh den chupan agus den mhèis, a‑chum gum bi an taobh a‑muigh dhiubh glan mar an ceudna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan