Gabhaidh tu mar an ceudna aon reithe, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.
Agus bheir thu fa‑near an tarbh a thoirt gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an tairbh.
Agus marbhaidh tu an reithe, agus gabhaidh tu a fhuil, agus crathaidh tu i mun cuairt air an altair.
Agus gabhaidh tu an reithe eile, agus cuiridh Aaron agus a mhic an làmhan air ceann an reithe.
Agus cuiridh tu iad ann an aon bhasgaid, agus bheir thu iad leat anns a’ bhasgaid, maille ris an tarbh òg agus an dà reithe.
Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e aig doras pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin, na sagartan, an fhuil air an altair mun cuairt.