Agus gabhaidh tu an t‑saill uile a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus loisgidh tu iad air an altair.
Agus loisgidh tu an reithe uile air an altair; is tabhartas-loisgte e don Tighearna; fàile cùbhraidh, tabhartas air a thoirt suas le teine don Tighearna.
Mar an ceudna, gabhaidh tu den reithe an t‑saill, agus bun an earbaill, agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus sgairt nan àinean, agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, agus an slinnean deas; oir is reithe coisrigidh e.
Agus gabhaidh tu iad bhàrr an làmh, agus loisgidh tu iad air an altair mar thabhartas-loisgte, a‑chum fàile chùbhraidh an làthair an Tighearna: is tabhartas e air a thoirt suas le teine don Tighearna.
Ciod e lìonmhorachd ur n‑ìobairtean dhòmhsa? deir an Tighearna: tha mi làn de thabhartasan-loisgte reitheachan, agus de shaill bheathaichean biadhte; ach ann am fuil tharbh, agus uan, agus bhoc ghoibhre, chan eil mo thlachd.
Tha claidheamh an Tighearna sàsaichte le fuil; tha e biadhte le saill, le fuil uan agus ghobhar, le saill àirnean reitheachan; oir tha ìobairt aig an Tighearna ann am Bosrah, agus àr mòr ann an tìr Idumèa.
Cha do cheannaich thu dhòmhsa le airgead a’ chuilc chùbhraidh, cha mhò a lìon thu mi le saill d’ìobairtean; ach shàraich thu mi led lochdan: sgìthich thu mi led euceartan.
Agus bheir an sagart e a‑chum na h‑altarach, agus snìomhaidh e a cheann dheth, agus loisgidh e air an altair e; agus fàisgear a‑mach a fhuil air taobh na h‑altarach.
Ach a mhionach agus a chasan nighidh e ann an uisge: agus loisgidh an sagart an t‑iomlan air an altair, mar ìobairt-loisgte, tabhartas a bheirear suas le teine, de fhàile cùbhraidh don Tighearna.
Agus crathaidh an sagart an fhuil air altair an Tighearna, aig doras pàillean a’ choitheanail, agus loisgidh e an t‑saill a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.
Agus loisgidh e a saill uile air an altair, mar a loisgear saill ìobairt nan tabhartas-sìthe: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh, agus maithear dha e.
Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear an t‑saill a ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart i air an altair, a-chum fàile chùbhraidh don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon, agus bheirear maitheanas dha.
Agus bheir e aisde a saill uile, mar a bheirear air falbh saill an uain o ìobairt nan tabhartas-sìthe; agus loisgidh an sagart iad air an altair, a rèir nan tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh a rinn e, agus maithear dha e.
Agus bidh an teine air an altair a’ losgadh innte; cha chuirear as e: agus loisgidh an sagart fiodh oirre gach madainn, agus cuiridh e an ìobairt-loisgte ann an òrdagh oirre, agus loisgidh e oirre saill nan ìobairtean-sìthe.
Agus an dà àra, agus an t‑saill a tha orra, a tha làimh ris an loch-lèin, agus an sgairt a tha os cionn nan àinean; maille ris na h‑àirnean, bheir e air falbh i.
Agus ghabh e an t‑saill, agus an t‑earball, agus an ìgh uile a bha air a’ mhionach, agus an sgairt os cionn nan àinean, agus an dà àra agus an ìgh, agus an slinnean deas.
Ach ciad-ghin boin, no ciad-ghin caorach, no ciad-ghin goibhre, chan fhuasgail thu; tha iad naomh: crathaidh tu am fuil air an altair, agus loisgidh tu an saill mar thabhartas a bheirear suas le teine, a‑chum fàile chùbhraidh don Tighearna.
Agus nan abradh duine sam bith ris, Na dearmadadh iad an t‑saill a losgadh air ball, agus an sin gabh dhut fhèin mar as miann led anam; an sin fhreagradh e, Chan eadh, ach bheir thu dhomh a‑nis; agus mura tabhair, gabhaidh mi a dh’aindeoin.