Agus gabhaidh e de fhuil an tairbh, agus crathaidh e i le a mheur air a’ chathair-thròcair a‑chum na h‑àird an ear: agus fa chomhair na cathair-thròcair crathaidh e den fhuil seachd uairean le a mheur.
Agus cuiridh e cuid den fhuil air adhaircean na h‑altarach a tha ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail, agus dòirtidh e a‑mach an fhuil uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.
Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair an h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte.
Agus gabhaidh an sagart cuid de a fuil le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach.
Agus gabhaidh an sagart cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh le a mheur, agus cuiridh e i air adhaircean altair na h‑ìobairt-loisgte, agus dòirtidh e a‑mach a fuil uile aig bun na h‑altarach.
Agus cuiridh an sagart cuid den fhuil air adhaircean altair na tùise cùbhraidh ann am fianais an Tighearna, a tha ann am pàillean a’ choitheanail; agus dòirtidh e fuil an tairbh uile aig bun altair na h‑ìobairt-loisgte, a tha aig doras pàillean a’ choitheanail.
Agus crathaidh e cuid de fhuil na h‑ìobairt-pheacaidh air taobh na h‑altarach, agus fàisgear a’ chuid eile den fhuil a‑mach aig bun na h‑altarach: is ìobairt-pheacaidh i.
Agus mharbh e e; agus ghabh Maois an fhuil, agus chuir e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt le a mheur, agus ghlan e an altair; agus dhòirt e an fhuil aig bun na h‑altarach, agus naomhaich e i, a dhèanamh rèite oirre.
Agus thug mic Aaroin an fhuil da ionnsaigh; agus thum e a mheur anns an fhuil, agus chuir e air adhaircean na h‑altarach i, agus dhòirt e a‑mach an fhuil aig bun na h‑altarach.
Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad: