Agus marbhaidh e an t‑uan anns an àit anns am marbh e an ìobairt-pheacaidh agus an ìobairt-loisgte, anns an ionad naomh; oir mar as leis an t‑sagart an ìobairt-pheacaidh, is amhail sin an ìobairt-easaontais: tha i ro‑naomh.
Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e aig doras pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin, na sagartan, an fhuil air an altair mun cuairt.
Agus bheir e an tarbh gu doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna; agus cuiridh e a làmh air ceann an tairbh, agus marbhaidh e an tarbh an làthair an Tighearna.
Agus mharbh e e; agus ghabh Maois an fhuil, agus chuir e i air adhaircean na h‑altarach mun cuairt le a mheur, agus ghlan e an altair; agus dhòirt e an fhuil aig bun na h‑altarach, agus naomhaich e i, a dhèanamh rèite oirre.