Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.
Agus cuiridh Aaron a dhà làimh air ceann a’ bhuic bheò, agus aidichidh e os a chionn uile lochdan chloinn Israeil, agus an uile sheachranan nam peacaidhean gu lèir, agus cuiridh e iad air ceann a’ bhuic, agus cuiridh e air falbh e le làimh duine iomchaidh don fhàsach.
Agus cuiridh e a làmh air ceann a thabhartais, agus marbhaidh e e aig doras pàillean a’ choitheanail: agus crathaidh mic Aaroin, na sagartan, an fhuil air an altair mun cuairt.
Agus bheir e an tarbh gu doras pàillean a’ choitheanail an làthair an Tighearna; agus cuiridh e a làmh air ceann an tairbh, agus marbhaidh e an tarbh an làthair an Tighearna.
Agus cuiridh na Lèbhitich an làmhan air cinn nan tarbh; agus ìobraidh tu aon dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte don Tighearna, a dhèanamh rèite airson nan Lèbhiteach.