Nach do thilg sibh a‑mach sagartan an Tighearna, mic Aaroin, agus na Lèbhithich, agus nach do rinn sibh dhuibh fhèin sagartan mar chinnich eile an domhain? Gach neach a thig ga choisrigeadh fhèin le tarbh òg agus le seachd reitheachan, bidh esan air ball na shagart dhaibhsan nach eil nan diathan.
Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.
Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin.
Agus labhraidh tu riùsan uile a tha glic ann an cridhe, a lìon mise le spiorad a’ ghliocais; agus nì iad èideadh Aaroin, ga choisrigeadh, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.
Agus gabhaidh tu den fhuil a tha air an altair, agus den ola-ungaidh, agus crathaidh tu iad air Aaron, agus air a èideadh, agus air a mhic, agus air èideadh a mhac maille ris: agus coisrigear e fhèin, agus a èideadh, agus a mhic, agus èideadh a mhac maille ris.
Ma pheacaicheas an sagart a chaidh ungadh, a rèir peacadh an t‑sluaigh; an sin thugadh e airson a pheacaidh a pheacaich e, tarbh òg gun ghaoid a dh’ionnsaigh an Tighearna a‑chum ìobairt-pheacaidh.
Agus bheir e leis a ìobairt-easaontais a‑chum an Tighearna, reithe gun ghaoid on treud, a rèir do mheas, mar ìobairt-easaontais, a dh’ionnsaigh an t‑sagairt.
Is e seo cuibhreann ungadh Aaroin, agus ungadh a chuid mac, de thabhartasan an Tighearna, a bheirear suas le teine, anns an là anns an tug e an làthair iad a fhrithealadh don Tighearna ann an dreuchd an t‑sagairt;
Agus thubhairt e ri Aaron, Gabh dhut fhèin laogh òg a‑chum ìobairt-pheacaidh, agus reithe a‑chum ìobairt-loisgte, gun ghaoid, agus thoir seachad iad an làthair an Tighearna.
Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;