Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh crios rìomhach na h‑èphoid a tha air a h‑uachdar, a rèir a h‑obrach fhèin, den nì cheudna, eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Bidh an dà mhìr-guailne aice ceangailte ri chèile aig a dà oir; agus mar sin cuirear ri chèile i.

Agus gabhaidh tu dà chloich onics, agus gearraidh tu orra ainmean chloinn Israeil.

Agus gabhaidh tu an t‑èideadh, agus cuiridh tu an còta air Aaron, agus fallaing na h‑èphoid, agus an èphod, agus an t‑uchd-èideadh, agus crioslaichidh tu e le crios rìomhach na h‑èphoid.

Agus bha crios rìomhach na h‑èphoid a bha air a h‑uachdar, den nì cheudna, a rèir a h‑obrach fhèin; eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus bidh ionracas na chrios ma leasraidh, agus fìrinn na crios ma àirnean.

Agus chuir e air an còta, agus chrioslaich e e leis a’ chrios, agus dh’aodaich e e leis an fhallaing, agus chuir e an èphod air, agus chrioslaich e e le crios rìomhach na h‑èphoid, agus cheangail e ris i leis.

Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;

Agus ann am meadhon nan seachd coinnleirean, neach cosmhail ri Mac an Duine, air an robh aodach a ràinig sìos gu a shàiltean, agus crioslaichte le crios òir ma chìochan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan