Bidh an dà mhìr-guailne aice ceangailte ri chèile aig a dà oir; agus mar sin cuirear ri chèile i.
Agus dà cheann eile an dà shlabhraidh fhighte daingnichidh tu anns an dà fhail, agus cuiridh tu iad air mìrean-guailne na h‑èphoid air a beulaibh.
Agus nì iad an èphod de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, le obair ealanta.
Agus bidh crios rìomhach na h‑èphoid a tha air a h‑uachdar, a rèir a h‑obrach fhèin, den nì cheudna, eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.
Agus dhaingnich iad dà cheann an dà shlabhraidh shnìomhte anns an dà fhail, agus chuir iad iad air mìrean-guaille na h‑èphoid, air a beulaibh.
Rinn iad mìrean-guaille dhi, ceangailte ri chèile air a dà oir: mar sin chuireadh ri chèile i.