Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:42

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu dhaibh briogaisean anairt a dh’fhalach an nochd: on leasraidh eadhon gus na slèisdean ruigidh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Cha mhò a thèid thu suas air ceuman a dh’ionnsaigh m’altarach, a‑chum nach leigear ris do lomnochdaidh oirre.

Agus crùn-sagairt de anart grinn, agus bonaidean sgiamhach de anart grinn, agus briogais anairt de anart grinn toinnte,

Agus tàrlaidh, nuair a thèid iad a‑steach air geatachan na cùirte a‑staigh, gum bi iad air an èideadh le aodach-lìn; agus cha tig olann air bith orra, am feadh a tha iad a’ frithealadh ann an geatachan na cùirte a‑steach, agus an taobh a‑staigh.

Bidh curraicean lìn air an cinn, agus bidh triubhais lìn air an leasraidh: cha chrioslaich iad iad fhèin le aon nì a thogas fallas.

An còta anairt naomh cuiridh e air, agus bidh na briogaisean anairt aige air a fheòil, agus leis a’ chrios anairt crioslaichidh e e fhèin, agus cuiridh e an crùn-anairt air: is èideadh naomh iad sin: air an adhbhar sin ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus cuiridh e air iad.

Agus cuiridh an sagart trusgan anairt uime, agus cuiridh e briogais anairt air a fheòil, agus togaidh e suas an luath a loisg an teine leis an ìobairt-loisgte air an altair, agus cuiridh e i làimh ris an altair.

No ma fhuair e an nì sin a chailleadh, agus gun do rinn e breug uime, agus gun tug e mionnan eithich; ann an aon nì dhiubh sin uile a nì duine, a’ peacachadh annta:

Comhairlicheam dhut òr a cheannach uamsa, air a dhearbhadh anns an teine, a‑chum gum bi thu saoibhir; agus aodach geal, a‑chum gun còmhdaichear thu, agus nach bi nàire do lomnochdaidh follaiseach; agus ung do shùilean le sàbh-shùl, a‑chum gur lèir dhut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan