Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu iad air Aaron do bhràthair, agus air a mhic maille ris; agus ungaidh tu iad, agus coisrigidh tu iad, agus naomhaichidh tu iad; agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin.

Agus seo an t‑èideadh a nì iad; uchd-èideadh, agus èphod, agus fallaing, agus còta iomadh-dathach, crùn-sagairt, agus crios; agus nì iad èideadh naomh airson Aaroin do bhràthair, agus airson a mhac, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus cuiridh tu iad uile ann an làmhan Aaroin, agus ann an làmhan a mhac; agus luaisgidh tu iad mar thabhartas-luaisgte an làthair an Tighearna.

Agus nì thu mar seo ri Aaron, agus ra mhic, a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhut: seachd làithean coisrigidh tu iad.

Agus gabhaidh tu an ola-ungaidh, agus dòirtidh tu air a cheann i, agus ungaidh tu e.

Agus crioslaichidh tu iad le criosan (Aaron agus a mhic), agus cuiridh tu na bonaidean orra: agus is leòsan dreuchd an t‑sagairt le reachd bith-bhuan: agus coisrigidh tu Aaron agus a mhic.

Agus nì thu boltrachan dheth, air a dhèanamh suas a rèir ealdhain an lèigh, co‑measgte, fìorghlan, naomh.

Agus cuiridh tu air Aaron an t‑aodach naomh, agus ungaidh tu e, agus naomhaichidh tu e; agus frithealaidh e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus ungaidh tu iad, mar a dh’ung thu an athair, agus frithealaidh iad dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt; oir bidh gu deimhinn an ungadh-san dhaibh a‑chum sagartachd shìorraidh air feadh an ginealaichean.

Agus tàrlaidh anns an là sin gun atharraichear a eallach bhàrr do ghuailne, agus a chuing bhàrr do mhuineil; agus caithear a’ chuing do bhrìgh na h‑ola-ungaidh.

Tha Spiorad an Tighearna Iehòbhah orm, do bhrìgh gun d’ung an Tighearna mi; a thoirt deagh sgeòil don mhacanta chuir e mi; a cheangal suas luchd a’ chridhe bhriste, a dh’èigheach fuasglaidh do na braighdean, agus fosgladh a’ phrìosain dhaibhsan a tha ceangailte;

Seachd làithean glanaidh iad an altair, agus nighidh iad i, agus naomhaichidh iad iad fhèin.

Agus cha tèid sibh a‑mach air doras pàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: oir tha ola-ungaidh an Tighearna oirbh. Agus rinn iad a rèir facal Mhaois.

Agus ionnlaididh e a fheòil ann an uisge anns an ionad naomh, agus cuiridh e air a èideadh, agus thig e a‑mach, agus ìobraidh e a ìobairt-loisgte fhèin, agus ìobairt-loisgte an t‑sluaigh; agus nì e rèite air a shon fhèin, agus airson an t‑sluaigh.

Agus labhair e ri Corah, agus ra chuideachd uile, ag ràdh, Eadhon a‑màireach nochdaidh an Tighearna cò iad as leis, agus cò a tha naomh, agus bheir e air teachd am fagas dha: bheir e eadhon airsan a roghnaich e, teachd am fagas dha.

Is iad sin ainmean mic Aaroin, na sagartan a dh’ungadh, a choisrig e gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

An tì a chuir Dia uaithe, tha e a’ labhairt briathran Dhè: oir chan ann a rèir tomhais a tha Dia a’ toirt an Spioraid dha.

Agus cha ghabh aon duine an t‑urram seo dha fhèin, ach an tì a tha air a ghairm o Dhia, mar a bha Aaron:

Oir tha an lagh a’ dèanamh àrd-shagartan de dhaoine aig a bheil anfhainneachd; ach facal nam mionnan a bha an dèidh an lagha, a’ dèanamh Àrd-shagairt den Mhac, a tha air a dhèanamh iomlan gu sìorraidh.

Ach tha agaibhse ungadh on Tì Naomh, agus is aithne dhuibh na h‑uile nithean.

Ach tha an t‑ungadh a fhuair sibh uaithesan a’ fantainn annaibh: agus chan eil feum agaibh gun teagaisgeadh aon neach air bith sibh: ach, mar a tha an t‑ungadh seo fhèin gur teagasg mu thimcheall nan uile nithean, agus a tha e fìor, agus nach breug e, eadhon mar a theagaisg e sibh, fanaibh ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan