Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu an còta le obair ghrèise de anart grinn, agus nì thu an crùn-sagairt de anart grinn, agus nì thu an crios de obair shnàthaide.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Ann an trusgan de obair-ghrèis bheirear i a‑chum an Rìgh; bheirear na maighdeannan na dèidh, a bana-chompanaich, a‑steach thugad.

Agus nì thu còmhdach airson doras a’ bhùtha, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair ghrèise.

Agus airson geata na cùirte bidh brat de fhichead làmh-choille, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte, obraichte le obair shnàthaide: am puist ceithir, agus am buinn ceithir.

Agus seo an t‑èideadh a nì iad; uchd-èideadh, agus èphod, agus fallaing, agus còta iomadh-dathach, crùn-sagairt, agus crios; agus nì iad èideadh naomh airson Aaroin do bhràthair, agus airson a mhac, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus gabhaidh tu an t‑èideadh, agus cuiridh tu an còta air Aaron, agus fallaing na h‑èphoid, agus an èphod, agus an t‑uchd-èideadh, agus crioslaichidh tu e le crios rìomhach na h‑èphoid.

Agus cuiridh tu an crùn-sagairt air a cheann, agus an crùn naomh air a’ chrùn-shagairt.

Agus bheir thu leat a mhic, agus cuiridh tu còtaichean orra.

Agus rinn iad còtaichean de anart grinn, de obair fhighte, airson Aaroin agus a chuid mhac,

An còta anairt naomh cuiridh e air, agus bidh na briogaisean anairt aige air a fheòil, agus leis a’ chrios anairt crioslaichidh e e fhèin, agus cuiridh e an crùn-anairt air: is èideadh naomh iad sin: air an adhbhar sin ionnlaididh e a fheòil ann an uisge, agus cuiridh e air iad.

Agus cuiridh an sagart trusgan anairt uime, agus cuiridh e briogais anairt air a fheòil, agus togaidh e suas an luath a loisg an teine leis an ìobairt-loisgte air an altair, agus cuiridh e i làimh ris an altair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan