Ecsodus 28:38Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus bidh i air clàr-aodainn Aaroin, agus giùlainidh Aaron cionta nan nithean naomha, a choisrigeas clann Israeil nan tìodhlacan naomha uile: agus bidh i air clàr a aodainn an còmhnaidh, a‑chum is gum bi iad taitneach an làthair an Tighearna. Faic an caibideil |
Agus bidh iad air Aaron, agus air a mhic, nuair a thig iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail, no nuair a thig iad am fagas don altair, a fhrithealadh anns an ionad naomh; a‑chum is nach giùlain iad aingidheachd, agus nach faigh iad bàs: bidh e na reachd sìorraidh dha fhèin, agus da shliochd na dhèidh.