Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu i air èill ghuirm, agus bidh i air a’ chrùn-shagairt: air taobh-beòil a’ chrùin-shagairt bidh i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus ceanglaidh iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean, ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum is gum bi e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach fuasglar an t‑uchd-èideadh on èphoid.

Agus nì thu fallaing na h‑èphoid uile de ghorm.

Agus nì thu leac de òr fìorghlan, agus gearraidh tu oirre, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.

Agus bidh i air clàr-aodainn Aaroin, agus giùlainidh Aaron cionta nan nithean naomha, a choisrigeas clann Israeil nan tìodhlacan naomha uile: agus bidh i air clàr a aodainn an còmhnaidh, a‑chum is gum bi iad taitneach an làthair an Tighearna.

Agus seo an t‑èideadh a nì iad; uchd-èideadh, agus èphod, agus fallaing, agus còta iomadh-dathach, crùn-sagairt, agus crios; agus nì iad èideadh naomh airson Aaroin do bhràthair, agus airson a mhac, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus cuiridh tu an crùn-sagairt air a cheann, agus an crùn naomh air a’ chrùn-shagairt.

Agus chuir e an crùn-sagairt air a cheann; mar an ceudna air a’ chrùn-shagairt, eadhon air a’ chuid-bheòil dheth, chuir e an leac òir, an crùn naomh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus thubhairt e, Cuireadh iad ceann-aodach maiseach air a cheann: agus chuir iad ceann-aodach maiseach air a cheann, agus dh’èid iad e le fallaingean; agus sheas aingeal an Tighearna leo.

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, iad a dhèanamh fabhra dhaibh fhèin air iomallan an aodaich air feadh an ginealaichean, agus iad a chur air fabhra nan iomall còrd gorm.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan