Ecsodus 28:35Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus bidh i air Aaron gu frithealadh: agus cluinnear a fuaim, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh an làthair an Tighearna, agus nuair a thig e a‑mach, a‑chum nach bàsaich e. Faic an caibideil |
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Labhair ri Aaron do bhràthair, a‑chum nach tèid e anns gach àm a‑steach don ionad naomh an taobh a‑staigh den roinn-bhrat, an làthair na cathair-thròcair, a tha air an àirc, a‑chum nach bàsaich e: oir foillsichidh mise mi fhèin ann an neul air a’ chathair-thròcair.