Agus gu h‑ìosal, air a h‑iomall, nì thu pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, air a h‑iomall mun cuairt: agus cluig òir eatorra mun cuairt.
Agus bidh i air Aaron gu frithealadh: agus cluinnear a fuaim, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh an làthair an Tighearna, agus nuair a thig e a‑mach, a‑chum nach bàsaich e.
Mar chrann-ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn-sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas.
Do lios nan cnò chaidh mi sìos, a ghabhail beachd air toradh a’ ghlinne, a dh’fhaicinn an robh an fhìonain fo bhlàth, an robh na pomgranatan a’ briseadh a‑mach.
Cha sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich mi sibh, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh e.
A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;