Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gu h‑ìosal, air a h‑iomall, nì thu pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, air a h‑iomall mun cuairt: agus cluig òir eatorra mun cuairt.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e pomgranatan, dà shreath mun cuairt air aon lìon-obair, a chòmhdachadh nan ceann a bha air mullach nam post: agus mar sin rinn e ris a’ cheann eile.

Ochd làmhan-coille deug àirde aon phuist, agus an ceann-mullaich a bha air de umha; agus àirde a’ chinn-mhullaich trì làmhan-coille: agus an lìon-obair, agus na pomgranatan air a’ cheann-mhullaich mun cuairt, iad sin uile de umha: agus an leithidean sin bha aig an dara post, maille ri lìon obair.

Mar dheagh ola-ungaidh air a’ cheann, a’ ruith sìos air an fheusaig, feusag Aaroin, a’ ruith sìos air iomall a thrusgain;

Agus bidh toll na mullach, na meadhon: bidh oir aice timcheall a tuill de obair fhighte, mar tholl lùirich-mhàillich, a‑chum is nach reubar i.

Clag òir agus pomgranat, clag òir agus pomgranat, air iomall na fallainge mun cuairt.

Anns an là sin, bidh air cluig nan each, Naomhachd don Tighearna: agus bidh na coireachan ann an taigh an Tighearna mar na cuachan fa chomhair na h‑altarach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan