Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh toll na mullach, na meadhon: bidh oir aice timcheall a tuill de obair fhighte, mar tholl lùirich-mhàillich, a‑chum is nach reubar i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus dheasaich Udsiah air an son, eadhon don fheachd uile, targaidean, agus sleaghan, agus clogaidean, agus lùirichean, agus boghachan, agus croinn-tabhaill a thilgeadh chlach.

Agus on àm sin a‑mach dh’obraich leth m’òglach-sa anns an obair, agus chùm an leth eile dhiubh na sleaghan, na sgiathan, agus na boghachan, agus na lùirichean: agus bha an luchd-riaghlaidh air cùlaibh uile thaigh Iùdah.

Cha seas claidheamh an tì a bheanas ris; an t‑sleagh, an gath, no lùireach.

Agus nì thu fallaing na h‑èphoid uile de ghorm.

Agus gu h‑ìosal, air a h‑iomall, nì thu pomgranatan de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, air a h‑iomall mun cuairt: agus cluig òir eatorra mun cuairt.

Agus bha toll ann am meadhon na fallainge, mar tholl lùirich-mhàillich, agus oir timcheall a tuill, a‑chum nach reubte i.

Agus crùn-sagairt de anart grinn, agus bonaidean sgiamhach de anart grinn, agus briogais anairt de anart grinn toinnte,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan