Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu fallaing na h‑èphoid uile de ghorm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus ceanglaidh iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean, ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum is gum bi e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach fuasglar an t‑uchd-èideadh on èphoid.

Agus bidh toll na mullach, na meadhon: bidh oir aice timcheall a tuill de obair fhighte, mar tholl lùirich-mhàillich, a‑chum is nach reubar i.

Agus seo an t‑èideadh a nì iad; uchd-èideadh, agus èphod, agus fallaing, agus còta iomadh-dathach, crùn-sagairt, agus crios; agus nì iad èideadh naomh airson Aaroin do bhràthair, agus airson a mhac, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Agus gabhaidh tu an t‑èideadh, agus cuiridh tu an còta air Aaron, agus fallaing na h‑èphoid, agus an èphod, agus an t‑uchd-èideadh, agus crioslaichidh tu e le crios rìomhach na h‑èphoid.

Agus chuir e air an còta, agus chrioslaich e e leis a’ chrios, agus dh’aodaich e e leis an fhallaing, agus chuir e an èphod air, agus chrioslaich e e le crios rìomhach na h‑èphoid, agus cheangail e ris i leis.

Agus rinn a mhàthair dha còta beag, agus thug i da ionnsaigh e o bhliadhna gu bliadhna, nuair a chaidh i suas maille ra fear a dh’ìobradh na h‑ìobairt bhliadhnail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan