Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais an Urim agus an Tumim; agus bidh iad air cridhe Aaroin, nuair a thèid e a‑steach an làthair an Tighearna: agus giùlainidh Aaron breitheanas chloinn Israeil air a chridhe ann an làthair an Tighearna an còmhnaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tirsata riu nach faodadh iad ithe de na nithean ro‑naomha, gus an seasadh sagart suas le Urim agus le Tumim.

Agus thubhairt an Tirsata riu nach faodadh iad ithe de na nithean ro‑naomha gus an seasadh sagart suas le Urim agus Tumim.

Agus giùlainidh Aaron ainmean chloinn Israeil ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais, air a chridhe, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh, mar chuimhneachan ann an làthair an Tighearna a‑ghnàth.

Agus chuir e an t‑uchd-èideadh air; agus chuir e anns an uchd-èideadh an Urim agus an Tumim.

Togaidh eadhon esan teampall an Tighearna, agus gheibh e glòir, agus suidhidh e, agus riaghlaidh e air a rìgh-chathair; agus bidh e na shagart air a rìgh-chathair; agus bidh comhairle na sìthe eatorra araon.

Agus seasaidh e an làthair Eleàsair an sagart, a dh’iarras comhairle air a shon, a rèir breitheanas na h‑Urim an làthair an Tighearna: air a fhacal-san thèid iad a‑mach, agus air a fhacal thig iad a‑steach, e fhèin agus clann Israeil uile maille ris, eadhon an co‑chruinneachadh uile.

Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.

Chan ann a‑chum ur dìtidh a tha mi a’ labhairt seo: oir thubhairt mi roimhe gu bheil sibh nar cridheachan-ne a‑chum bàsachadh maille ribh, agus a bhith beò maille ribh.

Agus mu Lèbhi thubhairt e, Biodh do Thumin agus d’Urim aig d’aon naomh, a dhearbh thu aig Masah, ris an do rinn thu strì aig uisgeachan Mheribah;

Uime sin b’fheumail dha anns na h‑uile nithean a bhith air a dhèanamh cosmhail ra bhràithrean; a‑chum gum biodh e na àrd-shagart tròcaireach agus dìleas ann an nithean a‑thaobh Dhè, a‑chum rèite a dhèanamh airson peacaidhean an t‑sluaigh:

Oir chan eil Ard-shagart againn nach eil comasach air co‑fhulangas a bhith aige ri ar n‑anfhainneachdan; ach a bhuaireadh anns na h‑uile nithean air an dòigh cheudna rinne, gidheadh as eugmhais peacaidh.

Agus cha b’ann tre fhuil ghobhar agus laogh, ach tre a fhuil fhèin a chaidh e a‑steach aon uair don ionad naomh, air dha saorsa shìorraidh fhaotainn dhuinne.

Oir cha deachaidh Crìosd a‑steach do na h‑ionadan naomha làmh-dhèante, nithean a tha nan samhladh air an fhìor ionad; ach do nèamh fhèin, a‑chum a‑nis e fhèin a nochdadh ann am fianais Dhè air ar son-ne:

A‑nis an dèidh bàs Iosua, dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, ag ràdh, Cò a thèid suas air ar son an aghaidh nan Canàanach air tùs, a chogadh nan aghaidh?

Agus dh’èirich clann Israeil, agus chaidh iad suas gu taigh Dhè, agus dh’fhiosraich iad de Dhia, agus thubhairt iad, Cò dhinn a thèid suas air tùs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin? Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas air tùs.

(Agus chaidh clann Israeil suas, agus ghuil iad am fianais an Tighearna gu feasgar, agus dh’fhiosraich iad den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a‑rìs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas na aghaidh.)

Agus nuair a dh’fhiosraich Saul den Tighearna, cha do fhreagair an Tighearna e, aon chuid le aislingean, no le Urim, no le fàidhean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan