Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus giùlainidh Aaron ainmean chloinn Israeil ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais, air a chridhe, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh, mar chuimhneachan ann an làthair an Tighearna a‑ghnàth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus cuiridh tu an dà chloich air guaillean na h‑èphoid, mar chlachan cuimhneachain do chloinn Israeil. Agus giùlainidh Aaron an ainmean ann an làthair an Tighearna air a dhà ghualainn, mar chuimhneachan.

Agus nì thu uchd-èideadh a’ bhreitheanais le obair ealanta; a rèir obair na h‑èphoid nì thu e: de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte nì thu e.

Agus ceanglaidh iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean, ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum is gum bi e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach fuasglar an t‑uchd-èideadh on èphoid.

Agus cuiridh tu ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais an Urim agus an Tumim; agus bidh iad air cridhe Aaroin, nuair a thèid e a‑steach an làthair an Tighearna: agus giùlainidh Aaron breitheanas chloinn Israeil air a chridhe ann an làthair an Tighearna an còmhnaidh.

Cuir mise mar sheula air do chridhe, mar sheula air do ghàirdean; oir làidir mar am bàs tha an gràdh, an‑iochdmhor mar an uaigh an t‑eud: is èibhlean a teine a èibhlean-san, lasair ro‑gharg.

Agus thig Uachdaran uaithe fhèin, agus thig a fhear-riaghlaidh a‑mach as a mheadhon; agus tàirngidh mise e, agus thig e dlùth dhomh: oir cò e seo a shocraich a chridhe air teachd am fagas dhòmhsa? deir an Tighearna.

A bhràithrean, is e dùrachd mo chridhe, agus m’ùrnaigh ri Dia airson Israeil, gum biodh iad air an tèarnadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan