Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ceanglaidh iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean, ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum is gum bi e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach fuasglar an t‑uchd-èideadh on èphoid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Clachan onics, agus clachan rin cur anns an èphoid, agus anns an uchd-èideadh.

Agus nì thu dà fhàinne eile de òr, agus cuiridh tu iad air dà thaobh na h‑èphoid foidhpe, làimh ra cuid-thoisich, fa chomhair a’ choicheangail eile, os cionn crios rìomhach na h‑èphoid.

Agus giùlainidh Aaron ainmean chloinn Israeil ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais, air a chridhe, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh, mar chuimhneachan ann an làthair an Tighearna a‑ghnàth.

Agus nì thu fallaing na h‑èphoid uile de ghorm.

Agus cuiridh tu i air èill ghuirm, agus bidh i air a’ chrùn-shagairt: air taobh-beòil a’ chrùin-shagairt bidh i.

Agus bidh crios rìomhach na h‑èphoid a tha air a h‑uachdar, a rèir a h‑obrach fhèin, den nì cheudna, eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.

Aodach an fhrithealaidh, gu frithealadh anns an ionad naomh, an t‑aodach naomh airson Aaroin an sagart, agus aodach a chuid mhac, a fhrithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt.

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, iad a dhèanamh fabhra dhaibh fhèin air iomallan an aodaich air feadh an ginealaichean, agus iad a chur air fabhra nan iomall còrd gorm.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan