Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu dà fhàinne eile de òr, agus cuiridh tu iad air dà thaobh na h‑èphoid foidhpe, làimh ra cuid-thoisich, fa chomhair a’ choicheangail eile, os cionn crios rìomhach na h‑èphoid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus nì thu dà fhàinne òir, agus cuiridh tu iad air dà cheann an uchd-èididh anns an oir sin dheth, a tha aig taobh na h‑èphoid a‑staigh.

Agus ceanglaidh iad an t‑uchd-èideadh le a fhàinnean, ri fàinnean na h‑èphoid le èill ghuirm, a‑chum is gum bi e os cionn crios rìomhach na h‑èphoid, agus nach fuasglar an t‑uchd-èideadh on èphoid.

Agus bidh crios rìomhach na h‑èphoid a tha air a h‑uachdar, a rèir a h‑obrach fhèin, den nì cheudna, eadhon de òr, de ghorm, agus de chorcar, agus de sgàrlaid, agus de anart grinn toinnte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan