Agus dà cheann eile an dà shlabhraidh fhighte daingnichidh tu anns an dà fhail, agus cuiridh tu iad air mìrean-guailne na h‑èphoid air a beulaibh.
Le obair gearradair an cloich, le gearradh seula, gearraidh tu an dà chloich, le ainmean chloinn Israeil: bheir thu fa‑near an ceangal ann am failean òir.
Agus dà shlabhraidh de òr fìorghlan aig na cinn: nì thu iad de obair fhighte, agus ceanglaidh tu na slabhraidhean fighte ris na failean.
Agus cuiridh tu an dà shlabhraidh fhighte òir anns an dà fhàinne a tha air cinn an uchd-èididh.
Agus nì thu dà fhàinne òir, agus cuiridh tu iad air dà cheann an uchd-èididh anns an oir sin dheth, a tha aig taobh na h‑èphoid a‑staigh.
Bidh an dà mhìr-guailne aice ceangailte ri chèile aig a dà oir; agus mar sin cuirear ri chèile i.
Agus rinn iad air an uchd-èideadh slabhraidhean aig na cinn, de obair shnìomhte de òr fìorghlan.
Rinn iad mìrean-guaille dhi, ceangailte ri chèile air a dà oir: mar sin chuireadh ri chèile i.