Agus nì thu air an uchd-èideadh dà fhàinne òir, agus cuiridh tu an dà fhàinne air dà cheann an uchd-èididh.
Agus nì thu air an uchd-èideadh slabhraidhean aig na cinn de obair fhighte, de òr fìorghlan.
Agus cuiridh tu an dà shlabhraidh fhighte òir anns an dà fhàinne a tha air cinn an uchd-èididh.