Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh na clachan le ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug, a rèir an ainmean; le gearradh seula, bidh gach aon aca le a h‑ainm fhèin a rèir an dà‑threubh-dheug.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Eliah dà‑chloich-dheug, a rèir àireamh treubh mic Iàcoib, a‑chum an tàinig facal an Tighearna, ag ràdh, Bidh Israel mar ainm ort;

Le peann iarainn agus luaidh gu bràth ann an carraig nach robh iad air an gearradh!

Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.

Le obair gearradair an cloich, le gearradh seula, gearraidh tu an dà chloich, le ainmean chloinn Israeil: bheir thu fa‑near an ceangal ann am failean òir.

Agus an ceathramh sreath; beril, agus onics, agus iasper: ceanglar iad le òr nan suidheachadh.

Agus nì thu air an uchd-èideadh slabhraidhean aig na cinn de obair fhighte, de òr fìorghlan.

Agus tèarnaidh an Tighearna an Dia iad anns an là sin, mar threud a shluaigh; oir togar suas clachan-buaidh an crùin air feadh am fearainn.

A‑chum gun ith agus gun òl sibh aig mo bhòrd-sa ann am rìoghachd, agus gun suidh sibh air cathraichean rìoghail, a’ toirt breith air dà‑threubh-dheug Israeil.

Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh-dheug a tha air an sgapadh o chèile.

Agus bha balla mòr agus àrd aige, air an robh dà‑gheata-dheug, agus aig na geatachan dà‑aingeal-dheug, agus ainmean sgrìobhte orra, eadhon ainmean dà‑threubh-dheug chloinn Israeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan