Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an ceathramh sreath; beril, agus onics, agus iasper: ceanglar iad le òr nan suidheachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus an treas sreath; ligur, agat, agus ametist.

Agus bidh na clachan le ainmean chloinn Israeil, a dhà-dheug, a rèir an ainmean; le gearradh seula, bidh gach aon aca le a h‑ainm fhèin a rèir an dà‑threubh-dheug.

Tha a làmhan mar fhàinnean òir suidhichte le berilean; a chom mar fhiacail elephaint lìomhte, air a cur thairis le saphirean.

Bha dreach nan rothan agus an obair mar dhreach criostail; agus bha an aon choslas aig a’ cheithir, agus bha an aogas agus an obair mar gum biodh ann roth ann am meadhon rotha.

Agus nuair a dh’amhairc mise, feuch na ceithir rothan aig taobh nan ceruban, aon roth aig aon cherub, agus roth eile aig cerub eile: agus bha dreach nan rothan air dhath cloiche criostail.

Bha a chorp fòs cosmhail ri beril, agus a ghnùis mar dhreach dealanaich, agus a shùilean mar lòchrain theine, agus a ghàirdeanan agus a chasan cosmhail ann an dath ri umha lìomhte, agus fuaim a bhriathran cosmhail ri guth sluaigh mhòir.

Aig an robh glòir Dhè: agus bha a shoillse cosmhail ri cloich ro‑luachmhoir, mar chloich iaspeir, soilleir mar chriostal;

Agus bha an Tì a shuidh, ri amharc air, cosmhail ri cloich iasper, agus shardis: agus bha bogha-frois timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt, cosmhail, ri fhaicinn, ri emerald.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan