Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì thu èideadh naomh dod bhràthair Aaron, airson glòire, agus airson maise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Sgeadaich thu fhèin a‑nis le mòrachd agus le òirdheirceas, agus èidich thu fhèin le glòir agus maise.

Eididh mi a sagartan le slàinte, agus nì a naoimh àrd-luathghaire.

Sgeadaichear do shagartan le ionracas, agus dèanadh do naoimh luath-ghaire.

Oir gabhaidh an Tighearna tlachd na shluagh; nì e na daoine sèimhe sgiamhach le slàinte.

Tha urram agus mòralachd na fhianais, neart agus maise na ionad naomh.

Agus do mhic Aaroin nì thu còtaichean, agus nì thu dhaibh criosan, agus bonaidean nì thu dhaibh, airson glòire agus airson maise.

Agus bidh e le Aaron agus le a mhic le reachd bithbhuan o chloinn Israeil; oir is tabhartas-togte e: agus bidh e na thabhartas-togte o chloinn Israeil de ìobairtean an tabhartasan-sìthe, eadhon an tabhartas-togte don Tighearna.

Agus èideadh na seirbhis, agus èideadh naomh airson Aaroin an sagart, agus èideadh a chuid mac, gu frithealadh ann an dreuchd an t‑sagairt,

Agus cuiridh tu air Aaron an t‑aodach naomh, agus ungaidh tu e, agus naomhaichidh tu e; agus frithealaidh e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt.

Anns an là sin bidh meangan an Tighearna sgiamhach agus glòrmhor, agus toradh an fhearainn òirdheirc agus maiseach, dhaibhsan a thèid as de Israel.

Dùisg, dùisg, cuir umad do neart, O Shion; cuir umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusaleim, a chathair naomh; oir cha tèid an neo-thimcheall-gheàrrte agus an neòghlan a‑steach annad nas mò.

Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.

A dh’òrdachadh do luchd-caoineadh Shioin, a thoirt dhaibh maise an àite luaithre, ola aoibhneis an àite bròin, èideadh molaidh an àite spiorad airtneil; a‑chum gun goirte dhiubh craobhan fìreantachd, a shuidhich an Tighearna air sgàth a ghlòire.

Agus tha sinne uile mar nì truaillidh, agus ar n‑uile fhìreantachd mar luideig shalaich; agus tha sinn uile air seargadh mar dhuilleach; agus rinn ar lochdan, mar a’ ghaoth, ar giùlan air falbh.

Agus ghabh Maois cuid den ola-ungaidh, agus den fhuil a bha air an altair, agus chrath e air Aaron i; air a aodach, agus air a mhic, agus air aodach a mhac maille ris: agus naomhaich e Aaron, agus a aodach, agus a mhic, agus aodach a mhac maille ris.

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

Ach cuiribh umaibh an Tighearna Iosa Crìosd, agus na dèanaibh ullachadh airson na feòla, a‑chum a h‑ana-miannan a riarachadh.

Eadhon fìreantachd Dhè tre chreideamh Iosa Crìosd, do na h‑uile, agus air na h‑uile a chreideas; oir chan eil eadar-dhealachadh ann:

Oir a mheud agaibh is a bhaisteadh do Chrìosd, chuir sibh umaibh Crìosd.

Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram.

Oir bha a shamhail sin de Àrd-shagart iomchaidh dhuinne, a bha naomh, neo-lochdach, neo-thruaillidh, air a dhealachadh o pheacaich, agus a rinneadh nas àirde na na nèamhan;

Oir fhuair e o Dhia an t‑Athair urram agus glòir, nuair a thàinig a shamhail seo de ghuth da ionnsaigh on ghlòir òirdheirc, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

A mhuinntir mo ghràidh, a‑nis is sinne mic Dhè; agus chan eil e soilleir fhathast ciod a bhios sinn: ach tha fhios againn, nuair a dh’fhoillsichear esan, gum bi sinn cosmhail ris; oir chì sinn e mar a tha e.

Agus thugadh dhi gum biodh i air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, glan agus dealrach: oir is e an lìon-aodach grinn fìreantachd nan naomh.

Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan