Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu ann suidheachadh chlach, eadhon ceithir sreathan chlach; a’ chiad sreath, sardias, topas, agus carbuncal; seo a’ chiad sreath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Le obair gearradair an cloich, le gearradh seula, gearraidh tu an dà chloich, le ainmean chloinn Israeil: bheir thu fa‑near an ceangal ann am failean òir.

Ceithir-cheàrnach bidh e, agus dà‑fhillte; rèis a fhad, agus rèis a leud.

Agus an dara sreath; emerald, saphir, agus daoimean.

Agus gabhaidh tu dà chloich onics, agus gearraidh tu orra ainmean chloinn Israeil.

Tha òr ann, agus mòran de chlachan luachmhor; ach is iad bilean an eòlais an seud as luachmhoire.

Is luachmhoire i na na seudan, agus chan eil gach nì as urrainn thu a mhiannachadh rin coimeas rithe.

Cò a gheibh bean shubhailceach? Oir tha a luach gu mòr os cionn chlach uasal.

Oir is fheàrr gliocas na na clachan luachmhor; agus chan eil na h‑uile nithean a dh’fhaodar a mhiannachadh rin coimeas rithe.

Bha a Nàsaraich na bu ghloine na sneachd; bu ghile iad na bainne; bu deirge iad anns a’ chorp na ruiteachain; bha an dreach mar shaphir.

Bha thu ann an Eden, gàrradh Dhè; b’e do chòmhdach gach uile chlach luachmhor, an sardias, an topas, agus an daoimean, am beril, an onics, agus an iasper, an saphir, an t‑emerald, agus an carbuncal, agus an t‑òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phìoban annad anns an là anns an do chruthaicheadh thu.

Bidh iad leamsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, anns an là sin anns an dèan mi suas mo sheudan; agus coiglidh mi iad, mar a choigleas duine a mhac fhèin a tha a’ dèanamh seirbhis dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan