Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 28:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cuiridh tu an dà chloich air guaillean na h‑èphoid, mar chlachan cuimhneachain do chloinn Israeil. Agus giùlainidh Aaron an ainmean ann an làthair an Tighearna air a dhà ghualainn, mar chuimhneachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn air mo ghualainn ghabhainn e; cheanglainn e mar choron orm.

An sin labhair thu ann an taisbeanadh rid Aon naomh, agus thubhairt thu. Chuir mise cuideachadh air aon a tha cumhachdach; dh’àrdaich mi aon taghte as an t‑sluagh.

Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.

Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.

Le obair gearradair an cloich, le gearradh seula, gearraidh tu an dà chloich, le ainmean chloinn Israeil: bheir thu fa‑near an ceangal ann am failean òir.

Agus giùlainidh Aaron ainmean chloinn Israeil ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais, air a chridhe, nuair a thèid e a‑steach don ionad naomh, mar chuimhneachan ann an làthair an Tighearna a‑ghnàth.

Bidh an dà mhìr-guailne aice ceangailte ri chèile aig a dà oir; agus mar sin cuirear ri chèile i.

Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh.

Chuir mi luchd-faire air do bhallachan, O Ierusaleim; rè an là, agus rè na h‑oidhche, cha bhi iad nan tosd; sibhse a tha a’ dèanamh luaidh air ainm an Tighearna, na bithibh-se nur tosd;

Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.

Agus cuiridh tu tùis fhìorghlan air gach sreath, a‑chum is gum bi i air an aran mar chuimhneachan, eadhon tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.

Gu bhith nan cuimhneachan do chloinn Israeil, air chor is nach tig coigreach, nach eil de shliochd Aaroin, am fagas a losgadh tùis an làthair an Tighearna; a‑chum is nach bi e mar Chorah, agus mar a chuideachd; mar a thubhairt an Tighearna ris le làimh Mhaois.

Agus ghabh Maois agus Eleàsar an sagart an t‑òr o na ceannardan air mhìltean agus air cheudan, agus thug iad e gu pàillean a’ choitheanail, mar chuimhneachan do chloinn Israeil an làthair an Tighearna.

Rinn e còmhnadh ri Israel, a òglach fhèin, ann an cuimhneachadh a thròcair,

A choileanadh na tròcair a gheall e dar n‑athraichean, agus a chuimhneachadh a choicheangail naoimh fhèin:

Agus air dhàsan amharc gu geur air, ghabh e eagal, agus thubhairt e, Ciod e, a Thighearna? Agus thubhairt e ris, Chaidh d’ùrnaighean agus do dhèircean suas mar chuimhneachan ann am fianais Dhè.

Agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp-sa a tha air a bhriseadh air ur son-se: dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa.

Mu Bheniàmin thubhairt e, Gabhaidh aon gràdhach an Tighearna còmhnaidh ann an tèarainteachd làimh ris; agus còmhdaichidh an Tighearna e rè an là uile, agus gabhaidh e còmhnaidh eadar a ghuaillean.

An sin gum freagair sibh iad, Gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile ro àirc coicheangal an Tighearna; nuair a chaidh i thar Iòrdan, gu robh uisgeachan Iòrdain air an sgaradh o chèile: agus bidh na clachan seo nan cuimhneachan do chloinn Israeil gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan